Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ cur taighe ri taigh, agus a’ cur achaidh ri achadh, gus nach bi àit ann, agus gun gabh sibh còmhnaidh air leth ann am meadhon na tìre!
Mar a’ chearc a nì gur air uibhean, agus nach toir a‑mach eòin, tha esan a gheibh beartas, ach nach ann le còir; ann am meadhon a làithean dealaichidh e ris; agus na chrìch dheireannaich bidh e na amadan.
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Bidh eascaraid fòs mun cuairt air an fhearann; agus bheir e a‑nuas do neart uat, agus creachar do lùchairtean.