Nuair a their mi, Cha toir mi iomradh air, cha mhò a labhras mi tuilleadh na ainm; an sin tha e ann am chridhe mar gum b’e teine loisgeach, air a dhruideadh suas ann am chnàmhan; agus ged sgìthich mi mi fhèin ga chumail a‑steach, chan urrainn mi.
Agus chaidh i air ball le cabhaig a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’iarr i, ag ràdh, Is àill leam gun tugadh tu dhomh gun dàil ceann Eòin Baistidh air mèis.