Iob 20:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Sùgaidh e nimh nan nathraichean: marbhaidh teanga na nathrach milltich e. Faic an caibideil |
Eallach ainmhidhean na h‑àird a deas; gu tìr airce agus èiginn as an tig an leòmhann òg agus an seann leòmhann, an nathair nimhe, agus an nathair theinnteach itealach; giùlainidh iad an saoibhreas air gualainn nan asal òga, agus an ionmhas air croit nan càmhal, a dh’ionnsaigh sluaigh nach tabhair buannachd dhaibh.