Ged chaomhain e e, agus nach trèig e e, ach gun glèidh e e an taobh a‑staigh a bheòil;
Oir ma chaitheas sibh ur beatha a rèir na feòla, gheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre an Spiorad gnìomharan na colainn, bidh sibh beò.
Nuair a bha an fheòil fhathast eadar am fiaclan, mun do chagnadh i, las fearg an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh, agus bhuail an Tighearna an sluagh le plàigh ro‑mhòir.
Tionndaidhear a bhiadh na mhionach, gu domblas nan nathraichean an taobh a‑staigh dheth.
Nuair a bhios e gus a bhrù a lìonadh, tilgidh Dia fraoch a fheirge air, agus frasaidh e air e nuair a bhios e ag ithe.
Nì fianais aingidh tarcais air breitheanas; agus sluigidh beul dhroch dhaoine euceart.