Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 20:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ged robh an t‑olc milis na bheul, ged fhalaich e e fo a theangaidh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic a’ bhean gu robh a’ chraobh math a‑chum bìdh, agus gu robh i taitneach don t-sùil, agus na craoibh ra miannachadh a dhèanamh neach glic: agus ghabh i de a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna da fear maille rithe, agus dh’ith e.

Agus thubhairt Daibhidh ri Uriah, Fan an seo mar an ceudna an‑diugh, agus a‑màireach leigidh mi leat imeachd. Agus dh’fhan Uriah ann an Ierusalem an là sin, agus an là màireach.

Nach gràineile agus nach salaiche gu mòr an duine, a dh’òlas euceart mar uisge?

Tha a bheul làn de mhallachadh agus de cheilg agus de mhealltaireachd; fo a theangaidh tha donas agus dìomhanas.

Nì fianais aingidh tarcais air breitheanas; agus sluigidh beul dhroch dhaoine euceart.

Is milis le duine aran na ceilge; ach na dhèidh sin lìonar a bheul de ghaineamh.

Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu.

Smachdaichidh d’aingidheachd fhèin thu, agus nì do chùl-sleamhnachadh fhèin do chronachadh: aithnich uime sin, agus faic gur olc agus searbh an nì gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, agus nach eil m’eagal-sa annad, deir an Tighearna, Dia nan sluagh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan