Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 20:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha a chnàmhan làn de pheacadh a òige, agus maille ris anns an duslach laighidh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Oir tha thu a’ sgrìobhadh nithean searbha am aghaidh, agus a’ toirt orm euceartan m’òige a shealbhachadh.

Gu crannan an t‑sluic thèid iad sìos: an sin bidh ar fois cuideachd anns an duslach.

Rim chraiceann agus rim fheòil dhlùth-lean mo chnàmhan; agus chaidh mi as le craiceann m’fhiacal.

Bàsaichidh e seo na làn neart, agus e uile aig fois agus an sìth.

Tha a innidh làn saill, agus a chnàmhan air an taiseachadh le smior.

Cuideachd anns an duslach laighidh iad, agus còmhdaichidh cnuimhean iad.

Peacaidhean m’òige agus m’easaontais, na cuimhnich thusa; a rèir do thròcair bi‑sa cuimhneachail orm, air sgàth do mhaitheis, a Thighearna.

Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.

Ann ad shalchar tha neòghlaine, do bhrìgh gun do ghlan mi thu, agus nach robh thu glan; cha bhi thu air do ghlanadh od thruaillidheachd nas mò, gus an toir mise air mo chorraich gun gabh i tàmh ort.

Agus cha laigh iad leis na cumhachdaich, a thuit de na neo-thimcheall-gheàrrte, a chaidh sìos do ifrinn len airm-chogaidh; agus chuir iad an claidheamhan fon cinn, ach bidh an aingidheachd air an cnàmhan, ged a b’iad uamhas nan cumhachdach ann an tìr nam beò.

An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Tha mise a’ falbh, agus iarraidh sibh mi, agus bàsaichidh sibh nur peacadh; chan urrainn sibhse teachd don àite dom bheil mise a’ dol.

Uime sin thubhairt mi ribh gum bàsaich sibh nur peacaidhean: oir mura creid sibh gur mise e, gheibh sibh bàs nur peacaidhean.

A ghabhail cuibhrinn den fhrithealadh agus den abstolachd seo, on do thuit Iùdas le seachran, gu dol da àite fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan