Agus chuir Tàmar luath air a ceann, agus reub i an trusgan iomadh-dathach a bha oirre, agus chuir i a làmh air a ceann, agus chaidh i air falbh a’ glaodhaich.
Nuair a dh’aithnich Mordecai gach nì a rinneadh, reub e a aodach, agus chuir e sac-aodach air agus luaithre, agus chaidh e a‑mach gu meadhon a’ bhaile, agus ghlaodh e le glaodh àrd agus searbh.
Agus anns gach uile mhòr-roinn don tàinig facal an rìgh agus a òrdagh, bha bròn mòr am measg nan Iùdhach, agus trasgadh, agus gul, agus caoidh; agus laigh mòran ann an sac-aodach agus an luaithre.
A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.
O nighean mo shluaigh, èid thu fhèin le aodach-saic, agus aornagain thu fhèin ann an luaithre: dèan caoidh mar airson aon mhic, cumha ro‑gheur: oir gu h‑obann thig an creachadair oirnn.
Agus bheir iad air an guth gun cluinnear e os do chionn, agus glaodhaidh iad gu goirt, agus tilgidh iad suas duslach air an cinn, aornaganaidh iad iad fhèin anns an luaithre.
Oir thàinig an sgeul gu rìgh Ninebheh; agus dh’èirich e o a rìgh-chathair, agus chuir e a fhallaing uaithe, agus chòmhdaich e e fhèin le aodach-saic, agus shuidh e ann an luaithre.
Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.