Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 2:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna, agus bhuail e Iob le neasgaidean cràiteach, o bhonn a choise gu mullach a chinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ach ann an Israel uile cha robh duine cho maiseach ri Absalom: bha e ri mholadh gu mòr: o bhonn a choise gu ruig mullach a chinn cha robh smal air bith air.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò leis? Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt e, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: falbh a‑mach, agus dèan mar sin.

Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ris gach nì a tha aige, agus as an aodann mallaichidh e thu.

Agus mar nì breun cuirear as dha, mar thrusgan a dh’itheas an leòmann.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha e ad làimh-sa; ach caomhain a bheatha.

Dhubhadh mo chraiceann orm, agus loisgeadh mo chnàmhan le teas.

Tha m’fheòil air a còmhdachadh le cnuimhean agus spairtean ùire; bhris mo chraiceann, agus tha e breun.

O bhonn na coise gu ruig an ceann, chan eil fallaineachd ann; ach lot, agus bruthadh, agus creuchd lobhte; cha do theannaicheadh ri chèile iad, cha do cheangladh suas iad, cha do thaisicheadh le ola iad.

Uime sin nì an Tighearna maol mullach cinn nigheanan Shioin, agus leigidh an Tighearna ris an nàire.

Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas.

Buailidh an Tighearna thu anns na glùinean, agus anns na casan, le neasgaid chràitich nach gabh a leigheas, o bhonn do choise gu mullach do chinn.

Agus thug iad toibheum do Dhia nèimh airson am piantan agus an creuchdan, agus cha do ghabh iad aithreachas den gnìomharan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan