Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 2:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, Craiceann airson craicinn, eadhon gach nì a tha aig duine bheir e airson a anama.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thug iad an sprèidh gu Iòseph; agus thug Iòseph dhaibh aran airson nan each, agus airson nan caorach, agus airson a’ chruidh, agus airson nan asal; agus bheathaich e iad le aran, airson an sprèidhe uile, air a’ bhliadhna sin.

Carson a gheibh sinn bàs fa chomhair do shùl, araon sinne agus ar fearann? Ceannaich sinne agus ar fearann airson arain, agus bidh sinne agus ar fearann nar seirbhisich do Phàraoh: agus thoir dhuinn sìol, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs, agus nach bi am fearann na fhàsach.

Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch a‑nis, chuala sinn mu rìghrean taigh Israeil, gur rìghrean iochdmhor iad: cuireamaid, matà, sac-aodach air ar leasraidh, agus cùird air ar cinn, agus rachamaid a‑mach gu rìgh Israeil; theagamh gun saor e d’anam.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc? Agus fhathast tha e a’ gleidheadh a ionracais, ged ghluais thusa mi na aghaidh a‑chum a sgrios gun adhbhar.

Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ra chnàimh agus ra fheòil, agus as an aodann mallaichidh e thu.

Is e èirig anam duine a shaoibhreas; ach cha chluinn am bochd achmhasan.

Ach fhuaireadh nam measg deichnear fhear a thubhairt ri Ismael, Na marbh sinne: oir tha ionmhasan againn anns a’ mhachair, de chruithneachd, agus de eòrna, agus de ola, agus de mhil. Mar sin sguir e, agus cha do mharbh e iad am measg am bràithrean.

Oir ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged chosnadh e an saoghal uile, agus a anam fhèin a chall? No ciod a’ mhalairt a bheir duine airson a anama?

Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach?

Is mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach.

Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan