Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc? Agus fhathast tha e a’ gleidheadh a ionracais, ged ghluais thusa mi na aghaidh a‑chum a sgrios gun adhbhar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Is iad seo ginealaichean Nòah: Bha Nòah na dhuine cothromach, agus iomlan na linn; agus ghluais Nòah maille ri Dia.

Agus fhreagair Ioab agus thubhairt e, Guma fada, fada sin uamsa, gun sluiginn suas, no gun sgriosainn.

Bha duine ann an tìr Uis dom b’ainm Iob; agus bha an duine sin coileanta agus dìreach, agus na neach air an robh eagal Dhè, agus a sheachainn olc.

Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ris gach nì a tha aige, agus as an aodann mallaichidh e thu.

A‑nis bha là air an tàinig mic Dhè gu seasamh an làthair an Tighearna; agus thàinig mar an ceudna Sàtan nam measg.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc?

Ged mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as: ach tagraidh mi mo shlighean na fhianais.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air.

Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, Craiceann airson craicinn, eadhon gach nì a tha aig duine bheir e airson a anama.

Oir le doineann tha e gam bhruthadh, agus a’ dèanamh mo lot lìonmhor gun adhbhar.

Ma dh’fhìreanaicheas mi mi fhèin, dìtidh mo bheul fhèin mi; agus foirfe ma nì mi mi fhèin, nochdaidh e fiar mi.

Thoir breith orm, a Thighearna, oir ghluais mi ann an ionracas; o chuir mi mo dhòigh anns an Tighearna, cha ghluaisear mi.

Thoir fa‑near an duine foirfe, agus amhairc air an duine ionraic, oir is i sìth as crìoch don duine sin.

Ach air mo shonsa, cumaidh tu suas mi ann an ionracas, agus suidhichidh tu mi ad fhianais gu bràth.

Saorar am fìrean o theinn; ach thig an droch dhuine na àite.

Gleidhidh fìreantachd esan a tha ionraic na shlighe; ach claoidhidh aingidheachd am peacach.

Esan a ghluaiseas na ionracas bidh eagal an Tighearna air; ach esan a tha fiar na shlighean nì e tàir air.

Is gràinealachd don Tighearna ìobairt nan aingidh; ach is i ùrnaigh nan ionraic a thlachd.

Is e rathad mòr nan ionraic an t‑olc a thrèigsinn: an tì a choimheadas a shlighe, gleidhidh e a anam.

Fhreagair Iosa, Cha do pheacaich aon chuid an duine seo, no a phàrantan: ach a‑chum gum foillsichte obraichean Dhè ann.

Chan e gun do ràinig mi cheana, no gu bheil mi cheana foirfe, ach tha mi a’ leantainn, a dh’fheuchainn am faigh mi greim den nì sin fhèin airson an do ghabhadh greim dhìom le Iosa Crìosd.

Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e.

A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan