Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 2:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shuidh iad sìos maille ris air an talamh seachd làithean agus seachd oidhcheannan, agus cha do labhair neach facal ris; oir chunnaic iad gu robh a dhoilgheas ro‑mhòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thug Dia mar ainm air an t‑solas Là, agus air an dorchadas thug e mar ainm Oidhche. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ciad là.

Agus thug Dia mar ainm air an adhar Nèamh. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an dara là.

Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.

Agus nuair a chuala mi an nì seo, reub mi m’aodach, agus m’fhallaing, agus spìon mi cuid de ghruaig mo chinn agus m’fheusag, agus shuidh mi sìos fo uamhann.

Agus nuair a chuala mi na briathran seo, shuidh mi sìos, agus ghuil mi, agus rinn mi bròn làithean àraidh, agus thraisg mi, agus rinn mi ùrnaigh am fianais Dia nan nèamh,

Na dhèidh seo dh’fhosgail Iob a bheul, agus mhallaich e a là.

Ma dh’fheuchas sinn ri labhairt riut, an gabh thu gu h‑olc e? Ach cò as urrainn e fhèin a chumail o labhairt?

Chùm thu mo shùilean nam faireachadh; tha mi iarganach, agus chan urrainn mi labhairt.

Agus nì a geatachan caoidh agus bròn; agus suidhidh i gu h‑aonaranach sìos air an làr.

Thig a‑nuas agus dèan suidhe anns an duslach, òigh-nighean Bhàbiloin; suidh air an làr, chan eil rìgh-chathair ann, a nighean nan Caldèanach; oir cha ghoir iad maoth agus mùirneach dhìot nas mò.

Tha seanairean nighean Shioin nan suidhe air an làr, tha iad nan tosd; chuir iad duslach air an ceann: chrioslaich iad iad fhèin le sac-èideadh: tha òighean Ierusaleim a’ cromadh sìos an cinn gu làr.

An sin thàinig mi a‑chum na muinntir a bha nam braighdean aig Tel-abib, a bha a chòmhnaidh làimh ri abhainn Chebair, agus shuidh mi far an do shuidh iadsan, agus dh’fhan mi an sin seachd làithean làn uamhais nam meadhon.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan