Iob 2:11Am Bìoball Gàidhlig 1992A‑nis nuair a chuala triùir chàirdean Iob an t‑olc seo uile a thàinig air, thàinig iad gach fear as a àite fhèin; Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach; oir shuidhich iad eatorra fhèin teachd a dhèanamh bròin maille ris, agus a thabhairt comhfhurtachd dha. Faic an caibideil |
Agus thàinig a bhràithrean uile da ionnsaigh, agus a pheathraichean uile, agus iadsan uile dom b’aithne e roimhe, agus dh’ith iad aran maille ris na thaigh; agus bha truas aca dheth, agus thug iad comhfhurtachd dha a‑thaobh an uilc uile a thug an Tighearna air: agus thug iad dha gach aon dhiubh bonn airgid, agus gach aon dhiubh cluas-fhàinne òir.