Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 19:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bhuin e mo ghlòir dhìom, agus thug e an crùn bhàrr mo chinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Cuiridh e air falbh comhairlich creachte, agus de bhritheamhan nì e amadain.

Cuiridh e air falbh uachdarain creachte, agus tilgidh e sìos na cumhachdaich.

Dh’fhuaigh mi sac-aodach air mo chraiceann, agus shalaich mi m’adharc anns an duslach.

Ach a‑nis tha iadsan as òige na mise a’ dèanamh fanaid orm, muinntir nach b’fhiù leam an athraichean a chur maille ri coin mo threuda.

Sgaoil thu coicheangal d’òglaich; thruaill thu a choron, ga thilgeadh gu làr.

Bhris thu a bhallachan-dìonaidh uile; rinn thu a dhaingnichean nan sgrios.

Chuir thu as da ghlòir, agus thilg thu sìos a rìgh-chathair gu làr.

Oir cha mhair beartas gu bràth: agus am mair an crùn o linn gu linn?

Ach goirear dhibhse Sagartan an Tighearna; Luchd-frithealaidh ar Dè‑ne theirear ribh; saoibhreas nan cinneach ithidh sibh, agus nan glòir nì sibh uaill.

Thuit an coron bhàrr ar cinn: mo thruaighe sinn, a chionn gun do pheacaich sinn.

Airson Ephraim, itealaichidh an glòir air falbh mar eun; on bhreith, agus on bhroinn, agus on ghineamhainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan