Cò nur measg air a bheil eagal an Tighearna, a tha ag èisdeachd ri guth a sheirbhisich, a tha a’ siubhal ann an dorchadas agus aig nach eil solas? Earbadh e as ainm an Tighearna, agus leigeadh e a thaice ra Dhia.
Air an adhbhar sin tha breitheanas fada uainn, agus chan eil ceartas a’ breith oirnn; tha sinn ag amharc airson solais, ach feuch dorchadas; airson soilleireachd, ach tha sinn a’ gluasad ann an duibhre.
Thugaibh-se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.
Uime sin bidh an slighe dhaibh mar ionadan sleamhainn ann an dorchadas; iomainear iad air an aghaidh, agus tuitidh iad ann: gu cinnteach bheir mise dòrainn orra, bliadhna an smachdachaidh, deir an Tighearna.
Agus cha robh fhios aice gun tug mise dhi arbhar, agus fìon, agus ola, agus an t‑airgead a rinn mi pailt dhi, agus an t‑òr a thug iad mar thabhartas do Bhàal.
An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.
Agus nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna, chuir e dorchadas eadar sibhse agus na h‑Eiphitich, agus thug e a’ mhuir orrasan, agus dh’fhalaich e iad; agus chunnaic ur sùilean ciod a rinn mi anns an Eiphit: agus ghabh sibh còmhnaidh anns an fhàsach ùine fhada.