Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 19:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, glaodhaidh mi, Eucoir, ach chan èisdear rium; èighidh mi gu h‑àrd, ach chan eil breitheanas ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Am math leat gun sàraicheadh tu? Gun dèanadh tu tàir air obair do làmh? Agus gun dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh?

O nach faodadh duine tagradh ri Dia, mar a thagras mac an duine ra choimhearsnach!

Feuch, is aithne dhomh ur smuaintean, agus na h‑innleachdan a tha sibh a’ dealbhadh gu h‑eucorach am aghaidh:

Dh’èigh mi riut, agus cha d’èisd thu rium; sheas mi suas, agus cha tug thu fa‑near mi.

Gidheadh cha sìn e a‑mach a làmh a‑chum na h‑uaighe, ged ghlaodh iad na sgrios.

Ri bròn dh’imich mi as eugmhais na grèine: dh’èirich mi, anns a’ cho-chruinneachadh dh’èigh mi.

Oir thubhairt Iob, Tha mi ionraic; agus thug Dia air falbh mo bhreitheanas.

An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?

Thugadh an talamh ann an làimh an aingidh: aghaidhean a bhritheamhan còmhdaichidh e: mura dèan e mar seo, càite, cò esan a nì?

Oir cha duine e mar a tha mise, gum freagrainn e, gun tigeamaid cuideachd gu breitheanas.

O mo Dhia, gairmidh mi anns an là, ach cha fhreagair thu, agus anns an oidhche, ach chan eil fois agam.

Ach tha thusa naomh, ann ad chòmhnaidh far a bheil cliù Israeil.

Oir cho tric is a labhras mi, a ghlaodhas mi a‑mach an aghaidh ainneirt, no a dh’èigheas mi lèir-chreach, tha facal an Tighearna air a dhèanamh dhomh na chùis-mhaslaidh agus fhanaid gach aon là.

Mar an ceudna, an tràth a ghlaodhas agus a dh’èigheas mi, tha e a’ druideadh a‑mach m’ùrnaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan