Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 19:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Biodh fhios agaibh a‑nis gun do thilg Dia thairis mi, agus gun do chuir e a lìon mun cuairt orm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Am math leat gun sàraicheadh tu? Gun dèanadh tu tàir air obair do làmh? Agus gun dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh?

Carson a gheur-leanas sibhse mi mar a nì Dia, agus lem fheòil nach sàsaichear sibh?

Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile-chumhachdach a chràidh m’anam,

Don duine aig a bheil a shlighe falaichte, agus a dhruid Dia suas air gach taobh?

Tha thu air fàs an‑iochdmhor rium; le neart do làimhe tha thu gad chur fhèin am aghaidh.

An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?

Tillibh, guidheam oirbh, na biodh euceart ann; seadh, tillibh fhathast, tha m’fhìreantachd-sa ann.

Pheacaich mi; ciod a nì mi dhut, O fhir-coimhead dhaoine? Carson a chuir thu mi ad aghaidh, agus a tha mi am èire orm fhèin?

Am fiar Dia breitheanas, agus am fiar an t‑Uile-chumhachdach ceartas?

Sgaoilidh mise fòs lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, gu tìr nan Caldèanach; gidheadh chan fhaic e i, ged gheibh e bàs an sin.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sgaoilidh mise uime sin mo lìon os do chionn, le cuideachd mòran chinneach, agus bheir iad a‑nìos thu ann am lìon.

Nuair a thriallas iad, sgaoilidh mise mo lìon thairis orra; mar eunlaith an adhair bheir mi a‑nuas iad; smachdaichidh mi iad nuair a dh’èisdeas iad rin coitheanal.

Agus nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh am fagas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan