Agus thubhairt iad rium, Tha am fuidheall a dh’fhàgadh den bhraighdeanas an sin anns a’ mhòr-roinn ann an àmhghar mòr agus ann am mì‑chliù; agus bhriseadh balla Ierusaleim sìos, agus loisgeadh a geatachan le teine.
Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile, a tha a’ dèanamh gàirdeachais rim olc; còmhdaichear le nàire agus masladh iadsan a dh’àrdaicheas iad fhèin am aghaidh!
Oir cha bu nàmhaid a thug masladh dhomh, no dh’fhuilinginn e; cha b’e fear lem b’fhuathach mi a dh’àrdaich e fhèin am aghaidh, no dh’fhalaichinn mi fhèin uaith:
Agus nì seachd mnathan greim air aon fhear anns an là sin, ag ràdh, Ar n‑aran fhèin ithidh sinn, agus ar n‑aodach fhèin caithidh sinn; a‑mhàin bitheamaid air ar n‑ainmeachadh ortsa, a thoirt air falbh ar mì‑chliù.
Saoraidh an Tighearna fòs pàilleanan Iùdah, mar o shean; mun dèan glòir taigh Dhaibhidh, no glòir luchd-àiteachaidh Ierusaleim, iad fhèin àrdachadh an aghaidh Iùdah.