Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 19:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na deich uairean seo mhaslaich sibh mi: cha nàir leibh gu bheil sibh cho coimheach rium.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Gidheadh mheall ur n‑athair mi, agus mhùth e mo thuarasdal deich uairean: ach cha do leig Dia leis cron a dhèanamh orm.

Agus chunnaic Iòseph a bhràithrean, agus dh’aithnich e iad, ach rinn e e fhèin na choigreach dhaibh, agus labhair e gu coimheach riu; agus thubhairt e riu, Cia as a thàinig sibhse? Agus thubhairt iadsan ris, A tìr Chanàain a cheannach bìdh.

Agus nuair a thàinig na h‑Iùdhaich a bha a chòmhnaidh làimh riu, thubhairt iad rinn deich uairean, As gach àit on till sibh dar n‑ionnsaigh-ne, bidh iad oirbh.

Ma bhios euceart ad làimh, cuir fada uat i, agus na leig le aingidheachd còmhnachadh ad phàilleanan.

An toir do bhreugan-sa air daoine a bhith nan tosd? Agus nuair a nì thu fanaid, nach cuir duine air bith nàire ort?

Bha m’anail coimheach dom mhnaoi, ged a ghuidh mi as leth clann mo chuirp fhèin.

Cia fhada a chuireas sibh doilgheas air m’anam, agus a bhriseas sibh mo chridhe le briathran?

Agus gu deimhinn ma chaidh mi air seachran, fanaidh mo sheachran agam fhèin.

Achmhasan mo mhaslaidh cluinneam, agus tha spiorad mo thuigse a’ toirt orm freagairt.

Is coigreach mi dom bhràithrean, agus coimheach do chloinn mo mhàthar.

Agus anns na h‑uile ghnothaichean gliocais agus tuigse a dh’fhiosraich an rìgh dhiubh, fhuair e iad deich uairean na b’fheàrr na na h‑uile dhraoidhean agus speuradairean a bha na rìoghachd uile.

Nuair a bhriseas mise lorg ur n‑arain, fuinidh deich mnathan ur n‑aran ann an aon àmhainn, agus bheir iad air ais dhuibh ur n‑aran air a thomhas, agus ithidh sibh agus cha bhi sibh sàthach.

Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan