Lùb e a bhogha mar nàmhaid: thog e an àird a làmh dheas mar eascaraid, agus mharbh e na h‑uile òganaich a bha taitneach don t‑sùil; ann am pàillean nighean Shioin thaom e a‑mach a chorraich mar theine.
Bha an Tighearna mar nàmhaid: shluig e suas Israel, shluig e suas a àrois uile; sgrios e a dhaingnichean làidir, agus mheudaich e ann an nighean Iùdah bròn agus caoidh.
Oir tha teine air fhadadh am fheirg, agus loisgidh e gu ifrinn ìochdaraich, agus cuiridh e as don talamh le a thoradh, agus cuiridh e ri theine bunaitean nam beann.