Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 18:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Glacaidh an còrd air shàil e; buadhaichidh am fear-reubainn na aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus leum na Sabèanaich orra, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh: agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.

Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Rinn na Caldèanaich suas trì buidhnean, agus thug iad ionnsaigh air na càmhail, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh; agus thàinig mise am aonar a dh’innse dhut.

Falaichte anns an talamh tha ribe air a shon, agus inneal-glacaidh air a shon air an t‑slighe.

Oir cuirear ann an lìon e le a chasan fhèin, agus air ribe imichidh e.

Agus ithidh an t‑acrach suas a fhogharadh, agus eadhon as na drisean gabhaidh e e: sluigidh an creachadair suas am maoin.

Dh’fhalaich na h‑uaibhrich ribe dhomh agus cùird; sgaoil iad lìon ri taobh na slighe; leag iad ceapan-tuislidh romham. Selah.

Aithnichear an Tighearna anns a’ bhreitheanas a rinn e; ann an gnìomh a làmh fhèin ribear an t‑aingidh. Higaion. Selah.

Ann an easaontas droch dhuine tha ribe; ach seinnidh am fìrean, agus bidh e aoibhneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan