Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 18:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cumhangaichear ceuman a neirt, agus tilgidh a chomhairle fhèin sìos e:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innis neach do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Ahitophel am measg an luchd-ceannairc maille ri Absalom. Agus thubhairt Daibhidh, Tionndaidh, a Thighearna, guidheam ort, comhairle Ahitopheil gu amaideachd.

Agus thubhairt Absalom agus fir Israeil uile, Is fheàrr comhairle Husai an t‑Arcach na comhairle Ahitopheil: oir dh’òrdaich an Tighearna comhairle mhath Ahitopheil a thoirt gu neoni, a‑chum gun tugadh an Tighearna olc air Absalom.

Agus bha cridhe rìgh Shiria fo bhuaireas mòr airson an nì seo; agus ghairm e air a sheirbhisich, agus thubhairt e riu, Nach innis sibh dhomh cò nar measg-ne a tha le rìgh Israeil?

Dìtidh do bheul fhèin thu, agus cha mhise; agus bheir do bhilean fhèin fianais ad aghaidh.

Ann an iomlaine a’ phailteis bidh e ann an teanntachd: thig gach adhbhar dragha air.

Eadhon mar sin dh’atharraicheadh e thusa à meadhon teanntachd gu àite farsaing, far nach eil teanntachd air bith; agus bhiodh na chuirte air do bhòrd làn de shaill.

Rinn thu mo cheuman farsaing fodham, air chor is nach do shleamhnaich mo chasan.

Rinn an Tighearna comhairle nan cinneach faoin; thug e innleachdan an t‑sluaigh gu neoni.

Seòlaidh fìreantachd an duine ionraic a shlighe; ach trìd a aingidheachd fhèin tuitidh an t‑aingidh.

Ann an easaontas droch dhuine tha ribe; ach seinnidh am fìrean, agus bidh e aoibhneach.

Nuair a dh’imicheas tu, cha teannaichear do cheuman; agus nuair a ruitheas tu, cha tuislich thu.

Os bàrr bheirear e fhèin gu Asiria, mar thabhartas do rìgh Iareb: nì masladh greim air Ephraim, agus gabhaidh Israel nàire de a chomhairle fhèin.

Oir is amaideachd aig Dia gliocas an t‑saoghail seo: oir tha e sgrìobhte, Glacaidh e na daoine glice nan innleachdan fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan