Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 18:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Carson a mheasar sinne mar ainmhidhean, agus a tha sinn tàireil ad shùilean-sa?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Ach air ur son-se uile, tillibh agus thigibh a‑nis; agus chan fhaigh mi duine glic nur measg.

Oir dh’fhalaich thu an cridhe o thuigse; uime sin chan àrdaich thu iad.

Cia fhada gus an cuir sibh crìoch air briathran? Tuigibh, agus na dhèidh sin labhramaid.

Tha e a’ reubadh anama na chorraich: air do shon-sa an trèigear an talamh? Agus an atharraichear a’ charraig as a h‑àite?

Agus bha mi baoth agus aineolach; mar ainmhidh bha mi ad làthair.

Thubhairt mi ann am chridhe a‑thaobh staid clann nan daoine, gun glanadh Dia iad, agus gum faiceadh iad gur ainmhidhean iad fhèin.

Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile:

Dà‑fhichead buille bheir e dha: cha tèid e thairis, air eagal nan rachadh e thairis, agus gum buaileadh e e os an cionn sin le mòran bhuillean, an sin gum biodh do bhràthair tàireil ad shùilean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan