Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 18:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gu deimhinn is iad sin ionadan-còmhnaidh an aingidh; agus is e seo a àite-san, do nach aithne Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.

Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,

Is e seo cuibhreann an duine aingidh o Dhia, agus an oighreachd a dh’òrdaicheadh dha le Dia.

Agus their iad ri Dia, Imich uainn; oir chan àill leinn eòlas do shlighean.

Oir their sibh, Càit a bheil taigh an duine mhòir, agus càit a bheil ionadan-còmhnaidh nan aingidh?

Nach siubhail am feabhas air falbh maille riu? Bàsaichidh iad, agus chan ann le gliocas.

Dòirt do chorraich air na cinnich aig nach eil eòlas ort, agus air na rìoghachdan nach gairm air d’ainm;

Agus thubhairt Phàraoh, Cò e an Tighearna, gun èisdinn-sa ra ghuth a leigeadh le Israel imeachd? Chan aithne dhòmhsa an Tighearna, agus mar an ceudna cha leig mi le Israel imeachd.

Dòirt a‑mach do dhian-chorraich air na cinnich nach do ghabh eòlas ort, agus air na teaghlaichean nach eil a’ gairm air d’ainm; oir dh’ith iad suas Iàcob, ga ithe agus ga chaitheamh, agus rinn iad a àite-còmhnaidh fàsail.

Agus tha iad a’ lùbadh an teangaidh mar am bogha a‑chum ceilge; ach chan eil iad treubhach airson na fìrinn anns an talamh: oir tha iad a’ dol air an aghaidh o olc gu olc, agus chan eil eòlas aca ormsa, deir an Tighearna.

Agus amhail mar nach bu taitneach leo eòlas Dhè a chumail, thug Dia thairis iad do inntinn mhì-chèillidh, a dhèanamh nithean nach robh iomchaidh:

Chan ann ann am fonn ana-miannach, mar a nì na Cinnich aig nach eil eòlas air Dia:

Ann an teine lasrach, a’ dèanamh dìoghaltais air an dream aig nach eil eòlas air Dia, agus nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Iosa Crìosd:

Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas-umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.

Agus chruinnicheadh mar an ceudna an ginealach sin uile a‑chum an athraichean: agus dh’èirich ginealach eile suas nan dèidh, do nach b’aithne an Tighearna, no na h‑obraichean a rinn e airson Israeil.

A‑nis bu mhic do Bhelial mic Eli; cha b’aithne dhaibh an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan