Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 18:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ri a là bidh ioghnadh orrasan a thig na dhèidh, mar a ghlac uamhas iadsan a thàinig roimhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus an taigh seo a bha cho àrd, gach neach a ghabhas seachad air, bidh ioghnadh air, agus nì e sgeig; agus their iad, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo?

Agus tàirngidh e na daoine treuna le a neart: èiridh e suas, agus chan eil neach air bith cinnteach de a bheatha.

Cuimhnich, a Thighearna, clann Edoim ann an là Ierusaleim, a thubhairt, Leagaibh, leagaibh sìos i gu ruig a bunait.

Nì Dia fanaid air, oir is lèir dha gu bheil a là a’ teachd.

A‑chum am fearann a dhèanamh fàs, na bhall-àbhachdais bithbhuan: gabhaidh gach neach a thèid seachad air mòr-iongantas, agus crathaidh e a cheann.

Marbhaibh a daimh air fad: rachadh iad sìos a‑chum an àir. Is truagh dhaibhsan, oir tha an là air teachd, àm an smachdachaidh!

Agus thusa, a phrionnsa mhì-dhiadhaidh, aingidh Israeil, aig a bheil do là air teachd, anns am bi crìoch air aingidheachd;

Ag ràdh, Nam b’aithne dhut, eadhon dhutsa, air bheag sam bith ann ad là seo fhèin, na nithean a bhuineas dod shìth: ach a‑nis tha iad falaichte od shùilean.

Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan