Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 18:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha bhi mac aige, no mac a mhic am measg a shluaigh, no neach a mhaireas na àitean-còmhnaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, thàinig gaoth mhòr on fhàsach, agus bhuail i air ceithir oisinnean an taighe, agus thuit e air na h‑òganaich, agus tha iad marbh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.

Chan fhàgar a’ bheag de a bhiadh; uime sin cha bhi sùil aig duine air bith ra mhaoin.

Ma pheacaich do chlann na aghaidh, agus gun tug e thairis iad dan easaontas;

Sgrios gu robh air a shliochd; anns an àl a thig na dhèidh gun cuirear as da ainm.

Oir is toigh leis an Tighearna breitheanas, agus cha trèig e a naoimh; gu bràth coimheadar iadsan, ach gearrar as sliochd nan aingidh.

Chan adhlaicear thu nan co‑chuideachd-san, a chionn gun do sgrios thu do dhùthaich, gun do mharbh thu do dhaoine: cha bhi iomradh gu bràth air sliochd dhroch dhaoine.

Mar seo deir an Tighearna, Sgrìobhaibh-se am fear seo gun chlann, duine nach soirbhich na làithean; oir cha soirbhich duine de a shliochd a shuidheas air cathair Dhaibhidh, agus a riaghlas na dhèidh seo ann an Iùdah.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan