Chan adhlaicear thu nan co‑chuideachd-san, a chionn gun do sgrios thu do dhùthaich, gun do mharbh thu do dhaoine: cha bhi iomradh gu bràth air sliochd dhroch dhaoine.
Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh-san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.
Tha Ephraim buailte; thiormaicheadh suas am freumh; cha ghiùlain iad a’ bheag de thoradh: seadh, ged bheireadh iad, gidheadh marbhaidh mise toradh gràdhach am bronn.
Gidheadh sgrios mise an t‑Amorach romhpa, a bha àrd mar àirde nan seudar; agus làidir mar na daragan: gidheadh sgrios mise a thoradh os a chionn, agus a fhreumhan foidhe.
Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh.