Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 18:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Spìonar as a phàillean a dhòchas; agus bheir e e gu rìgh nan uamhann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ach fàilnichidh sùilean nan aingidh, agus dol as cha bhi aca; agus bidh an dòchas mar thoirt suas an deò.

Tha fuaim eagalach na chluasan: na shoirbheachadh thig am fear-millidh air.

Dorchaichear an solas na phàillean, agus cuirear as a lòchran aige.

Tàirngear, agus thig a‑mach as a’ chorp, thig an claidheamh loinnreach a‑mach as a dhomblas: thig uamhasan air.

Oir tha a’ mhadainn dhaibhsan mar sgàil a’ bhàis: ma dh’aithnicheas neach iad, bidh iad ann an uamhasan sgàil a’ bhàis.

Togaidh e mar an leòmann a thaigh, agus mar bhothan a nì am fear-coimhead.

Chì e gach nì àrd: tha e na rìgh os cionn uile chlann an uabhair.

Aig an gearrar a dhòchas as, oir is e lìon an damhain-allaidh a earbsa.

Iadsan a dh’fhuathaicheas thu, còmhdaichear iad le nàire; agus cha bhi pàillean nan aingidh ann.

Chì an droch dhuine, agus bidh fearg air; casaidh e a fhiaclan, agus seargaidh e as; sgriosar miann nan aingidh.

Tha mo chridhe air a chràdh an taobh a‑staigh dhìom, agus thuit uamhasan a’ bhàis orm.

Bidh dùil nam fìrean na adhbhar aoibhneis; ach thèid as do dhòchas nan aingidh.

Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.

Agus gun saoradh e iadsan a bha tre eagal a’ bhàis rè am beatha uile fo dhaorsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan