Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 18:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ithidh e suas neart a chraicinn; ithidh ciad-ghin a’ bhàis suas a neart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Nach eil sinn air ar meas leis mar choigrich? Oir reic e sinn, agus straoidh e mar an ceudna gu tur ar n‑airgead:

A Reubein, is tu mo chiad-ghin, mo threise, agus toiseach mo neirt, òirdheirceas àrd-inbhe, agus òirdheirceas cumhachd:

Gu crannan an t‑sluic thèid iad sìos: an sin bidh ar fois cuideachd anns an duslach.

Agus beathaichear ciad-ghin nam bochd, agus laighidh an t‑ainnis sìos ann an tèarainteachd; agus marbhaidh mi do fhreumh-sa le gorta, agus d’iarmad cuiridh e gu bàs.

Chaidh mi sìos gu ìochdar nan slèibhtean; dhruid an talamh a croinn gu bràth orm: gidheadh thug thusa a‑nìos as an t‑sloc mo bheatha, O Thighearna mo Dhia.

Agus seo a’ phlàigh leis am buail an Tighearna na slòigh a chog an aghaidh Ierusaleim: leaghaidh am feòil air falbh am feadh a tha iad nan seasamh air an casan, agus leaghaidh an sùilean air falbh nan sluic, agus leaghaidh an teanga air falbh nam beul.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh-san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh-bheathaichean na talmhainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan