Agus siùbhlaidh gach aon da thrìd, ann an teinn agus ann an gorta; agus tàrlaidh, nuair a bhios e ann an gorta, gum bi corraich air ris fhèin, agus mallaichidh e a rìgh agus a Dhia, agus e a’ sealltainn suas.
Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.
Agus tàrlaidh gun tig gach neach a dh’fhàgar ad thaigh a chromadh sìos dha airson mìr airgid, agus greim arain; agus their e, Cuir mi, guidheam ort, ann an aon de dhreuchdan nan sagart, a‑chum gun ith mi greim arain.
Iadsan a bha làn, airson arain thuarasdalaich iad iad fhèin; agus iadsan a bha acrach, sguir iad de bhith mar sin: ise a bha roimhe neo-thorrach, rug i seachdnar; agus ise aig an robh mòran cloinne, dh’fhàs i fann.