An sin ghabh iad eagal mòr, nuair nach robh adhbhar eagail ann; sgaoil Dia a chnàmhan-san o chèile a champaich ad aghaidh; nàraich thu iad, a chionn gun do rinn Dia tàir orra.
On àm anns an siubhail i troimhe, nì i greim oirbh; oir madainn an dèidh maidne siùbhlaidh i troimhe, a là agus a dh’oidhche; agus dùisgidh eadhon an t‑iomradh a‑mhàin uamhainn.
Cuime am faca mi iad seo fo gheilt, agus a’ gabhail na ruaige? Tha eadhon an daoine cumhachdach air an claoidh; seadh a’ teicheadh gu luath, agus gun iad a’ sealltainn nan dèidh. Tha eagal air gach làimh, deir an Tighearna.
Am bùthan agus an treudan glacadh iad, an cùirteinean agus an àirneis uile; agus an càmhalan gabhadh iad dhaibh fhèin; agus abradh iad riu, Uamhas air gach taobh.
Agus orrasan a dh’fhàgar beò dhibh, cuiridh mise laigse nan cridheachan ann an dùthchannan an naimhdean; agus cuiridh fuaim duilleig air chrith iad air theicheadh; agus teichidh iad, mar gum biodh iad a’ teicheadh on chlaidheamh; agus tuitidh iad nuair nach bi neach an tòir orra.
Uime sin, air dhuinn fios a bhith againn air uamhas an Tighearna, tha sinn a’ cur impidh air daoine; ach tha sinn follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam mar an ceudna gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean-se.