Falaichte anns an talamh tha ribe air a shon, agus inneal-glacaidh air a shon air an t‑slighe.
Air gach taobh cuiridh uamhasan eagal air, agus fuadaichidh iad air a chasan e.
Glacaidh an còrd air shàil e; buadhaichidh am fear-reubainn na aghaidh.
Frasaidh e air na h‑aingidh ribeachan, teine agus pronnasg agus doineann uamhasach, mar chuibhreann an cupain.
Sgaoilidh mise fòs lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, gu tìr nan Caldèanach; gidheadh chan fhaic e i, ged gheibh e bàs an sin.
Agus tha Daibhidh, ag ràdh, Biodh am bòrd mar ribe, agus mar inneal-glacaidh, agus mar cheap-tuislidh, agus mar dhìol-thuarasdail dhaibh: