Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 17:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh uamhas air na h‑ionracain airson seo; agus dùisgidh an neo-chiontach an aghaidh a’ chealgair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala mi an nì seo, reub mi m’aodach, agus m’fhallaing, agus spìon mi cuid de ghruaig mo chinn agus m’fheusag, agus shuidh mi sìos fo uamhann.

Chì na h‑ionraic, agus bidh aoibhneas orra; agus nì an neo-chiontach gàire-fanaid riu.

A‑chum nach rìghich duine a bhios na chealgair, air eagal gum biodh an sluagh air an ribeadh.

Na biodh campar ort mu dhaoine aingidh, agus na gabh farmad ri luchd-dèanamh na h‑euceirt,

Oir ghabh mi tnù ri amadain, ri faicinn soirbheachadh dhaoine aingidh.

Ma chì thu fòirneart an duine bhochd, agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr-roinn, na biodh ioghnadh ort ris an nì seo: oir bheir an tì as àirde na an neach a tha àrd acasan an aire, agus tha iad ann as àirde na iadsan.

Tha do shùilean nas glaine na gun seall thu air olc, agus chan fhaod thu amharc air aingidheachd: cuime a bheil thu ag amharc air luchd-ceannairc, agus a’ fantainn ad thosd nuair tha an t‑aingidh a’ slugadh suas an duine as ionraice na e fhèin?

An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.

O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan