Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 17:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e mi am ghnàth-fhacal don t‑sluagh; agus tha mi mar bhall-fochaid romhpa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Carson a theich thu air falbh gu h‑uaigneach, agus a ghoid thu uam, agus nach d’innis thu dhomh, agus gun cuirinn air falbh thu le subhachas, agus le òrain, le tiompan, agus le clàrsaich?

An sin gearraidh mise Israel as bhàrr aghaidh an fhearainn a thug mi dhaibh: agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm fhèin, tilgidh mi as mo shealladh, agus bidh Israel na ghnàth-fhacal agus na leth-fhacal am measg nan uile shluagh:

Mar neach a tha na bhall-magaidh aig a charaid tha mise, a ghairmeas air Dia, agus freagraidh e e: na bhall-fochaid tha an duine ceart ionraic.

Nach eil luchd-fanaid maille rium? Agus nam brosnachadh nach eil mo shùil a’ buanachadh?

Tha iad a’ gabhail gràin dhìom, tha iad a’ teicheadh fad as uam, agus cha chaomhain iad smugaid a thilgeadh am aodann.

Agus a‑nis is mise as òran dhaibh, agus tha mi am leth-fhacal aca.

Rinn thu gnàth-fhacal dhinn am measg nan cinneach, adhbhar crathadh cinn am measg an t‑sluaigh.

Fad an là tha m’amhluadh am fhianais, agus chòmhdaich nàire mo ghnùise mi,

Agus rinn mi mo chulaidh de shac-aodach, agus bha mi am leth-fhacal aca.

Agus tha a’ chlàrsach, agus a’ chruit-chiùil, agus an tabor, agus a’ phìob, agus fìon nan cuirmean: ach obair an Tighearna chan eil iad a’ cur an suim, agus gnìomh a làmh chan eil iad a’ toirt fa‑near.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nan tilgeadh a h‑athair ach smugaid na h‑aodann, nach bu chòir dhi a bhith fo nàire seachd làithean? Druidear a‑mach on champ i rè seachd làithean, agus na dhèidh sin gabhar a‑steach i a‑rìs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan