Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;
Am feadh a bha sinn ann, dh’fhàilnich ar sùilean ag amharc ri cobhair dhìomhain: am feadh a rinn sinn faire, bha ar sùil ri cinneach nach b’urrainn tèarnadh.
Cha dèan thu fòirneart air do choimhearsnach, cha mhò a nì thu reubainn air; chan fhan duais an fhir-thuarasdail maille riut rè na h‑oidhche gu madainn.
Agus am measg nan cinneach sin chan fhaigh thu suaimhneas sam bith, cha mhò a bhios fois aig bonn do choise: ach bheir an Tighearna dhut an sin cridhe gealtach, agus fàilneachadh shùl, agus doilgheas inntinn.