Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 17:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir dh’fhalaich thu an cridhe o thuigse; uime sin chan àrdaich thu iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innis neach do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Ahitophel am measg an luchd-ceannairc maille ri Absalom. Agus thubhairt Daibhidh, Tionndaidh, a Thighearna, guidheam ort, comhairle Ahitopheil gu amaideachd.

Agus thubhairt Absalom agus fir Israeil uile, Is fheàrr comhairle Husai an t‑Arcach na comhairle Ahitopheil: oir dh’òrdaich an Tighearna comhairle mhath Ahitopheil a thoirt gu neoni, a‑chum gun tugadh an Tighearna olc air Absalom.

Agus nuair a bha e a’ labhairt ris, fhreagair esan e, An do rinneadh thusa ad chomhairliche don rìgh? Leig dhìot; carson a bhiodh tu air do bhualadh? Agus leig am fàidh dheth, agus thubhairt e, Tha fhios agam gun do shònraich Dia air do sgrios, a chionn gun do rinn thu seo agus nach d’èisd thu rim chomhairle-sa.

Atharraichidh e cainnt nam fìrinneach, agus bheir e air falbh tuigse nan aosmhor.

Esan a nì miodal ra chàirdean, fàilnichidh sùilean a chloinne.

Mheasg an Tighearna nam meadhon spiorad seachrain; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran na h‑uile obraichean, cosmhail ri misgear a’ tuisleachadh na sgeith.

Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.

Fhreagair esan agus thubhairt e riu, Do bhrìgh gun tugadh dhuibhse eòlas a bhith agaibh air rùn-diamhair rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan chan eil seo air a thabhairt.

Mar a tha e sgrìobhte, Thug Dia dhaibh spiorad suaine, sùilean a‑chum nach faiceadh iad, agus cluasan a‑chum nach cluinneadh iad, gus an là‑an‑diugh.

Càit a bheil an duine glic? Càit a bheil an sgrìobhaiche? Càit a bheil deasbair an t‑saoghail seo? Nach do rinn Dia gliocas an t‑saoghail seo amaideach?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan