Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 17:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cuir sìos a‑nis, thoir dhomh urras maille riut: cò esan a ghlacas mo làmh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Bidh mise am urras air a shon; om làimh-sa iarraidh tu e: mura toir mise ad ionnsaigh, agus mura cuir mi ad làthair e, an sin biodh a’ choire gu bràth orm:

Oir chaidh do sheirbhiseach an urras airson an leinibh dom athair, ag ràdh, Mura toir mi ad ionnsaigh e, an sin bidh mi fo choire aig m’athair gu bràth.

Gairm a‑nis, ma tha e ann a fhreagras thu; agus cia de na naoimh ris an tionndaidh thu?

Chan eil fear-rèite eadarainn, a chuireadh a làmh oirnn le chèile.

Bi‑sa an urras air d’òglach a‑chum maith; na dèanadh na h‑uaibhrich fòirneart orm.

Ciùrrar gu goirt esan a bhios an urras air coigreach; ach esan a dh’fhuathaicheas luchd-urrais, bidh e tèarainte.

Is duine gun tuigse a bhuaileas a làmh, a thèid an urras am fianais a charaid.

Gabh aodach an tì a chaidh an urras air coigreach; agus airson ban-choigrich gabh an geall uaithe.

Na bi dhiubhsan a bhuaileas an làmhan, no dhiubhsan a thèid an urras airson fhiach.

An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm.

Mar ghòbhlan-gaoithe no mar chòrr, rinn mi cànran; rinn mi caoidh mar chalaman: tha mo shùilean air fàilneachadh le sealltainn suas. O Thighearna, tha mi air mo shàrachadh; bi thusa ad urras dhomh.

Is cho mòr is sin a rinneadh Iosa na urras air coicheangal as fheàrr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan