Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 17:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gu crannan an t‑sluic thèid iad sìos: an sin bidh ar fois cuideachd anns an duslach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e,

Tha a chnàmhan làn de pheacadh a òige, agus maille ris anns an duslach laighidh e.

Bidh fòidean a’ ghlinne milis dha, agus tàirngidh gach duine na dhèidh, mar a tha iad do‑àireamh roimhe.

Tha mo làithean nas luaithe na spàl figheadair, agus tha iad air an caitheamh gun dòchas.

Caithear an neul, is thèid e as; mar sin esan a thèid sìos don uaigh, cha tig e a‑nìos.

Eisd rium gu grad, a Thighearna; chaidh as dom spiorad; na falaich do ghnùis orm, air eagal gum bi mi cosmhail riùsan a thèid sìos don t‑sloc.

An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, is iad na cnàmhan seo an t‑iomlan de thaigh Israeil; feuch tha iad ag ràdh, tha ar cnàmhan air tiormachadh, agus ar dòchas air a chall, is ann a tha sinn air ar gearradh as.

Chaidh mi sìos gu ìochdar nan slèibhtean; dhruid an talamh a croinn gu bràth orm: gidheadh thug thusa a‑nìos as an t‑sloc mo bheatha, O Thighearna mo Dhia.

Ach bha againn binn ar bàis annainn fhèin a‑chum nach biodh againn dòigh annainn fhèin, ach ann an Dia a dhùisgeas na mairbh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan