Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 17:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach air ur son-se uile, tillibh agus thigibh a‑nis; agus chan fhaigh mi duine glic nur measg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Chan eil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse bàsaichidh gliocas!

Ciod as aithne dhutsa, nach aithne dhuinne? A thuigeas tusa, nach tuig sinne?

Chaidh mo làithean thairis, bhriseadh mo smuaintean air falbh, seilbh mo chridhe.

Oir dh’fhalaich thu an cridhe o thuigse; uime sin chan àrdaich thu iad.

Carson a mheasar sinne mar ainmhidhean, agus a tha sinn tàireil ad shùilean-sa?

Cha bhi daoine mòra a‑ghnàth glic; agus cha tuig na h‑aosmhoir breitheanas.

Ach an dèidh don Tighearna na briathran sin a labhairt ri Iob, thubhairt an Tighearna ri Eliphas an Temanach, Tha m’fhearg air a lasadh ad aghaidh-sa, agus an aghaidh do dhithis chàirdean, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.

Tillibh, guidheam oirbh, na biodh euceart ann; seadh, tillibh fhathast, tha m’fhìreantachd-sa ann.

An sin tillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am fìrean agus an t‑aingidh; eadar an tì a tha a’ dèanamh seirbhis do Dhia, agus an tì nach eil ri seirbhis dha idir.

Càit a bheil an duine glic? Càit a bheil an sgrìobhaiche? Càit a bheil deasbair an t‑saoghail seo? Nach do rinn Dia gliocas an t‑saoghail seo amaideach?

A‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt. An ann mar sin nach eil aon duine glic nur measg? Nach eil fiù a h‑aon as urrainn breith a thoirt eadar a bhràithrean?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan