Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 17:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thruailleadh m’anail; ghearradh as mo làithean; tha na h‑uaighean air mo shon-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Nuair a thig beagan de bhliadhnachan, an sin anns an t‑slighe air nach till mi siùbhlaidh mi.

Chaidh mo làithean thairis, bhriseadh mo smuaintean air falbh, seilbh mo chridhe.

Bha m’anail coimheach dom mhnaoi, ged a ghuidh mi as leth clann mo chuirp fhèin.

Agus bha Iob beò na dhèidh seo ceud agus dà‑fhichead bliadhna; agus chunnaic e a mhic, agus mic a mhac, ceithir ginealaichean.

Ciod e mo neart, gum biodh dòchas agam? Agus ciod i mo chrìoch, gun sìninn mo bheatha?

Tha mo làithean nas luaithe na spàl figheadair, agus tha iad air an caitheamh gun dòchas.

Oir cha bhi mi a’ cronachadh gu sìor, agus cha bhi fearg orm an còmhnaidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham, agus na h‑anaman a rinn mi fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan