Air an adhbhar sin cuiridh an Tighearna, Tighearna nan sluagh, caoile air a’ mhuinntir reamhair; agus fo a òirdheirceas fadaidh e losgadh, mar losgadh teine.
O iomall na talmhainn chuala sinn òrain, eadhon glòir don fhìrean; ach thubhairt mise, Mo chaoile, mo chaoile, mo thruaighe mi! Tha na mealltairean a’ mealladh, seadh le foill tha na mealltairean a’ mealladh.
A‑chum gun cuireadh e na làthair fhèin i na h‑eaglais ghlòrmhoir, gun smal, gun phreasadh, no nì air bith de an leithidean sin; ach a‑chum gum biodh i naomh, agus neo-lochdach.
Chaidh mi a‑mach làn, agus thug an Tighearna air m’ais mi falamh. Carson, matà, a their sibh Naòmi rium, agus gun tug an Tighearna fianais am aghaidh, agus gun do chuir an t‑Uile-chumhachdach fo àmhghar mi?