Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 16:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’fhaodainn-sa mar an ceudna labhairt cosmhail ribhse: nam biodh ur n‑anam an àite m’anama-sa, dh’fhaodainn briathran a chur cuideachd nur n‑aghaidh, agus mo cheann a chrathadh ribh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall: Rinn òigh-nighean Shioin tàir ort; rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh.

Do lìonmhorachd bhriathar nach toirear freagradh? Agus an saorar fear na mòr-bhruidhne?

Ach neartaichinn sibh lem bheul, agus lùghdaicheadh gluasad mo bhilean ur doilgheas.

Uime sin fosglaidh Iob a bheul gu dìomhain: nì e briathran lìonmhor gun eòlas.

Dhàsan a thrèigeas a charaid is mòr am masladh e; trèigidh e mar an ceudna eagal an Uile-chumhachdaich.

Agus tha mi am adhbhar maslaidh dhaibh; nuair a sheall iad orm, chrath iad an cinn.

Nì iadsan uile a chì mi gàire-fanaid rium; casaidh iad am beul, crathaidh iad an ceann, ag ràdh,

Chuir e a dhòigh anns an Tighearna, fuasgladh e air; saoradh e e a chionn gu bheil tlachd aige ann.

Rinn thu gnàth-fhacal dhinn am measg nan cinneach, adhbhar crathadh cinn am measg an t‑sluaigh.

Ann an lìonmhorachd bhriathar cha bhithear saor o pheacadh; ach tha esan a chaisgeas a bhilean glic.

Agus tha amadan làn de bhriathran: chan eil fhios aig duine ciod a bhios ann: agus ciod a bhios ann na dhèidh, cò as urrainn innse dha?

Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall-san: Rinn òigh-nighean Shioin tàir ort, rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh.

A‑chum am fearann a dhèanamh fàs, na bhall-àbhachdais bithbhuan: gabhaidh gach neach a thèid seachad air mòr-iongantas, agus crathaidh e a cheann.

Oir nach robh Israel na bhall-fanaid dhutsa? An d’fhuaireadh am measg mhèirleach e, gun tugadh tu ana-cainnt dha leis na h‑uile bhriathran a b’urrainn thu?

Tha a mheud is a tha a’ gabhail seachad a’ bualadh am bas riut: tha iad ri sgeig-fhiacal, agus a’ crathadh an cinn ri nighinn Ierusaleim, ag ràdh, An i seo a’ chathair ri an goirear Foirfeachd maise, Aoibhneas an domhain uile?

Seo a’ chathair luathghaireach a ghabh còmhnaidh gu neo-umhaileach; a thubhairt na cridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi. Cionnas a dh’fhàs i na fàsach, na h‑àite airson bheathaichean gu laighe sìos ann! Nì gach aon a thèid seachad sgeig oirre, agus crathaidh e a làmh.

Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean.

Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.

Agus ma dh’fhuilingeas aon bhall, co‑fhuilingidh na buill uile; no ma gheibh aon bhall urram, nì na buill uile gàirdeachas maille ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan