Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 16:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna a‑nis, feuch, anns na nèamhan tha m’ fhianais, agus esan a bheir teisteas orm anns na h‑àrdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ma bhuineas tu gu cruaidh rim nigheanan, no ma ghabhas tu mnathan eile a thuilleadh air mo nigheanan-sa, chan eil duine sam bith maille rinn; feuch, tha Dia na fhianais eadar mise agus thusa.

A thalaimh, na còmhdaich thusa m’fhuil, agus na biodh àit aig mo ghlaodh.

Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear-saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh:

Tha tighearnas agus eagal maille ris-san: nì e sìth na ionadan àrda.

Oir ciod e cuibhreann Dhè on ionad shuas, agus oighreachd an Uile-chumhachdaich on àirde?

Cò as cosmhail ris an Tighearna ar Dia, a tha na chòmhnaidh shuas,

Molaibh-se an Tighearna. Molaibh an Tighearna o na nèamhan; molaibh e anns na h‑àrdan.

Mar a’ ghealach daingnichear e gu bràth, agus mar fhianais dhìleas ann an nèamh. Selah.

Oir is e Dia m’fhianais, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis lem spiorad ann an soisgeul a Mhic, gu bheil mi gun sgur a’ dèanamh luaidh oirbh,

Tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige (air a bhith dom chogais a’ dèanamh fianais dhomh anns an Spiorad Naomh),

Ach tha mi a’ gairm Dhè mar fhianais air m’anam, gur ann a‑chum sibhse a chaomhnadh nach tàinig mi fhathast gu Corintus.

Tha fhios aig Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a tha beannaichte gu sìorraidh, nach eil mi a’ dèanamh brèige.

Oir is e Dia m’fhianais, cia mòr mo dhèidh oirbh uile, ann an innibh Iosa Crìosd.

Is fianaisean sibhse, agus Dia, cia naomh, agus cia cothromach, agus neo-lochdach a ghiùlain sinn sinn fhèin nur measg-se a tha a’ creidsinn:

Oir cha do ghnàthaich sinn uair air bith briathran miodalach, mar as aithne dhuibh, no leisgeul sannt; is e Dia ar fianais:

Agus thubhairt e riu, Tha an Tighearna na fhianais nur n‑aghaidh, agus tha a Aon ungte na fhianais an‑diugh, nach d’fhuair sibh am làimh-sa nì sam bith. Agus fhreagair iadsan, Tha e na fhianais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan