Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 16:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha a luchd-shaighead gam chuartachadh air gach taobh: sgoiltidh e m’àirnean o chèile, agus cha chaomhain e; taomaidh e a‑mach mo dhomblas air an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Chràidh na fir-bhogha gu geur e, agus thilg iad air, agus dh’fhuathaich iad e.

Cuideachd thàinig a bhuidhnean, agus chuir iad suas an slighe am aghaidh, agus champaich iad mun cuairt air mo phàillean.

Neach a chì mise air mo shon fhèin, agus air an amhairc mo shùilean-sa, agus chan e neach eile: seo uile chuir mi suas am chom fhèin.

Tàirngear, agus thig a‑mach as a’ chorp, thig an claidheamh loinnreach a‑mach as a dhomblas: thig uamhasan air.

A bheil àireamh air bith air a shlòigh? Agus cò air nach èirich a sholas?

An sin bhiodh furtachd agam fhathast, ged bhithinn air mo chruadhachadh ann an do‑bhròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naoimh.

Oir tha saighdean an Uile-chumhachdaich annam, agus tha an nimh ag òl suas mo spioraid: tha uamhasan Dhè gan cur fhèin an òrdagh catha am aghaidh.

Tha mo shùilean air fàilneachadh le deòir; tha mo chom fo thrioblaid; dhòirteadh mo sgamhan air an talamh airson lèirsgrios nighean mo shluaigh; a chionn gu bheil a’ chlann bheag agus na naoidheanan a’ fannachadh ann an sràidean na cathrach.

Lùb e a bhogha mar nàmhaid: thog e an àird a làmh dheas mar eascaraid, agus mharbh e na h‑uile òganaich a bha taitneach don t‑sùil; ann am pàillean nighean Shioin thaom e a‑mach a chorraich mar theine.

Rinn e mo shlighe fiar, agus reub e mi am bhloighdean: rinn e mi am aonaran.

Thug e air saighdean a dhòrlaich dol a‑steach ann am àirnean.

Air an adhbhar sin, mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, gu deimhinn, a chionn gun do thruaill thu m’ionad naomh led uile nithean fuathach, agus led uile ghràinealachdan, uime sin lùghdaichidh mise thu mar an ceudna; agus cha choigil mo shùil, cha mhò a bhios truas air bith agam.

An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?

Cha chaomhain an Tighearna e, ach an sin cuiridh fearg an Tighearna, agus a eud, smùid dhiubh an aghaidh an duine sin, agus laighidh gach mallachadh air a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, agus dubhaidh an Tighearna a‑mach a ainm o bhith fo nèamh.

Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gun do shaor e Nòah, an t‑ochdamh pearsa, searmonaiche fìreantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mì‑dhiadhaidh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan