Thug Dia mi thairis don an‑diadhaidh, agus an làimh nan aingidh thilg e mi.
Am math leat gun sàraicheadh tu? Gun dèanadh tu tàir air obair do làmh? Agus gun dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh?
Chas iad am beul rium; le masladh bhuail iad mo ghiallan; cuideachd chruinnich iad am aghaidh.
Ann an sìth bha mi, ach phronn e mi: agus rug e air mo mhuineal, agus chrath e as a chèile mi, agus chuir e suas mi dha fhèin mar chuspair.
Carson a gheur-leanas sibhse mi mar a nì Dia, agus lem fheòil nach sàsaichear sibh?
Biodh fhios agaibh a‑nis gun do thilg Dia thairis mi, agus gun do chuir e a lìon mun cuairt orm.
Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna, agus bhuail e Iob le neasgaidean cràiteach, o bhonn a choise gu mullach a chinn.
Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile-chumhachdach a chràidh m’anam,
An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?
Thugadh an talamh ann an làimh an aingidh: aghaidhean a bhritheamhan còmhdaichidh e: mura dèan e mar seo, càite, cò esan a nì?
Na tabhair thairis mi do thoil mo naimhdean, oir dh’èirich fianaisean brèige am aghaidh agus luchd-bagairt fòirneirt.
Agus cha do dhruid thu suas mi ann an làimh mo nàmhaid; shocraich thu mo chasan ann an àite farsaing.
Feuch, tha e ri saothair le euceart; ghin e olc, agus rug e breug.
An sin air an adhbhar sin thug e thairis dhaibh e, gu bhith air a cheusadh. Agus ghlac iad Iosa, agus thug iad leo e.
Oir dhruid Dia iad uile ann am mì‑chreideamh, a‑chum tròcair a dhèanamh air na h‑uile.
Agus air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas, tre ro‑mheud nan taisbeanaidhean, thugadh dhomh sgolb anns an fheòil, teachdaire Shàtain a‑chum gum buaileadh e mi, air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas.
Agus nochd thu an‑diugh cionnas a bhuin thu gu math rium; do bhrìgh, nuair a thug an Tighearna thairis mi dod làimh, nach do mharbh thu mi.