Agus chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?
An sin chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a’ ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?
Ach air bhith dhòmhsa ann an àmhghar, bha iadsan ait, agus chruinnich iad le chèile; chruinnich daoine suarach nach b’aithne dhomh le chèile am aghaidh; reub iad, agus cha do sguir iad.
Dh’fhosgail do naimhdean uile am beul ad aghaidh: rinn iad sgeig is gìosgan fhiacal; thubhairt iad, Shluig sinn suas i; gu cinnteach is e seo an là ri an robh ar sùil: fhuair sinn e, chunnaic sinn e.
Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, bhuail aon de na maoir, a bha na sheasamh an làthair, a bhas air Iosa, ag ràdh, An ann mar seo a fhreagras tu an t‑àrd-shagart?
Oir gu fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chèile, an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maille ris na Cinnich, agus sluagh Israeil,
Oir fuilingidh sibh ma bheir neach an daorsa sibh, ma dh’itheas neach sibh, ma bheir neach ur cuid dhibh, ma dh’òrdaicheas neach e fhèin, ma bhuaileas neach air an aghaidh sibh.