Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 15:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An cuala tu a’ bheag ann an comhairle dhiamhair Dhè? Agus ad ionnsaigh fhèin a‑mhàin an do tharraing thu gliocas?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus nach nochdadh e dhut nithean diamhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na tha ann! Biodh fhios agad uime sin gu bheil Dia gad agairt airson d’euceirt.

Chan eil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse bàsaichidh gliocas!

Mar a bha mi ann an làithean m’òige, nuair a bha rùn-diamhair Dhè air mo phàillean;

Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal.

Oir is gràinealachd don Tighearna an duine ceannairceach; ach tha a rùn aig an ionracan.

Oir cò a sheas ann an comhairle dhiamhair an Tighearna, agus a chunnaic, agus a chuala a chùis? No cò a dh’èisd agus a chuala a fhacal?

Gu deimhinn cha dèan an Tighearna Iehòbhah aon nì, gun a rùn-diamhair fhoillseachadh da sheirbhisich na fàidhean.

Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.

Fhreagair esan agus thubhairt e riu, Do bhrìgh gun tugadh dhuibhse eòlas a bhith agaibh air rùn-diamhair rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan chan eil seo air a thabhairt.

A‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh, ag ràdh, Fosglaidh mi mo bheul ann an cosamhlachdan, cuiridh mi an cèill nithean a bha falaichte o thoiseach an t‑saoghail.

A seo suas cha ghairm mi seirbhisich dhibh; oir chan aithne don t‑seirbhiseach ciod a tha a thighearna a’ dèanamh: ach ghairm mi càirdean dhibh; oir na h‑uile nithean a chuala mi om Athair, thug mi fios dhuibhse orra.

O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean!

Oir cò aig an robh fios inntinn an Tighearna, no cò a bu chomhairleach dha?

Oir cò dom b’aithne inntinn an Tighearna, agus a theagaisgeas e? Ach tha inntinn Chrìosd againne.

Buinidh na nithean diamhair don Tighearna ar Dia, ach na nithean a tha foillsichte dhuinne agus dar cloinn a‑chaoidh, a‑chum is gun dèan sinn uile bhriathran an lagha seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan