Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 15:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dìtidh do bheul fhèin thu, agus cha mhise; agus bheir do bhilean fhèin fianais ad aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus am feadh a bha d’òglach a’ bith-dhèanamh an seo agus an siud, cha robh esan ra fhaotainn. Agus thubhairt rìgh Israeil ris, Is ann mar seo a bhios do bhreitheanas; dh’òrdaich thu fhèin e.

Cumhangaichear ceuman a neirt, agus tilgidh a chomhairle fhèin sìos e:

An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?

Cò esan a cheileas comhairle gun eòlas? Uime sin chuir mi an cèill nithean nach do thuig mi; nithean tuilleadh is iongantach air mo shon-sa, nach b’aithne dhomh.

Ma dh’fhìreanaicheas mi mi fhèin, dìtidh mo bheul fhèin mi; agus foirfe ma nì mi mi fhèin, nochdaidh e fiar mi.

Agus bheir iad air an teangaidh fhèin tuiteam orra fhèin; teichidh gach neach a chì iad.

Oir led fhacail saorar thu, agus led fhacail dìtear thu.

An sin reub an t‑àrd-shagart a aodach, ag ràdh, Gun do labhair e toibheum; ciod am feum tuilleadh a tha againn air fianaisean? Feuch, a‑nis chuala sibh a thoibheum.

Agus thubhairt e ris, As do bheul fhèin bheir mi breith ort, a dhroch sheirbhisich. Bha fhios agad gum bu duine geur-theann mi, a’ togail an nì nach do leag mi, agus a’ buain an nì nach do chuir mi:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan