Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 15:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A chionn gun do chòmhdaich e a ghnùis le a shult, agus gun do rinn e fillidhean saille air a leasraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ruithidh e air, air a mhuineal, air cupan tiugh a sgiath;

Ach air ur son-se uile, tillibh agus thigibh a‑nis; agus chan fhaigh mi duine glic nur measg.

Cho reamhar ri saill tha an cridhe-san; ach ann ad lagh tha mo thlachd-sa.

Nan saill tha iad air an druideadh suas; lem beul labhraidh iad gu h‑uaibhreach.

Oir chan eil cuibhrichean nam bàs, ach tha an neart làidir.

Sheas an sùil a‑mach le saill; fhuair iad thar miann an cridhe.

An sin thàinig fearg Dhè orra, agus mharbh e iadsan a bu shultmhoire dhiubh, agus leag e sìos daoine taghte Israeil.

Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.

Tha iad air fàs reamhar, tha iad dealrach: seadh, thug iad bàrr air gnìomharan nan aingidh: chan eil iad a’ toirt breith air a’ chùis, cùis an dìlleachdain, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh; agus còir an uireasbhaich chan eil iad a’ seasamh.

Ach dh’fhàs Iesurun reamhar, agus bhreab e; tha thu air cinntinn reamhar, tha thu air fàs tiugh, tha thu còmhdaichte le saill: an sin thrèig e an Dia a rinn e, agus rinn e dìmeas air carraig a shlàinte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan