Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 15:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha e ag imeachd mun cuairt airson arain, ag ràdh, Càit a bheil e? Tha fhios aige gu bheil là an dorchadais deas aig a làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Nuair a shaothraicheas tu an talamh, cha toir e dhut à seo suas a neart; ad fhògarrach agus ad fhear-fuadain bidh tu air an talamh.

Cha chreid e gun till e as an dorchadas; agus feithear air leis a’ chlaidheamh.

Cuiridh teanntachd agus àmhghar uamhas air: buadhaichidh iad air, mar rìgh deas a‑chum catha.

Cha triall e à dorchadas; tiormaichidh lasair a mheanglan; agus siùbhlaidh e le anail a bheòil.

Bidh a neart air a chlaoidh le acras, agus lèirsgrios deas aig a thaobh.

Fògrar e o sholas gu dorchadas, agus as an t‑saoghal tilgear e.

A‑ghnàth air seachran biodh a chlann, agus iarradh iad dèirc, agus sireadh iad as an àitean fàs.

Gabhaidh iad a‑null agus a‑nall airson bìdh, agus mura sàsaichear iad, nì iad gearan.

Ach seinnidh mise mud neart, agus àrd-mholaidh mi anns a’ mhadainn do thròcair; oir bu tusa mo dhaingneach agus mo dhìdean ann an là mo theanntachd.

Cha leig an Tighearna le anam an ionraic gort fhulang; ach sgaoilidh e maoin nan aingidh.

Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc.

Ach ma mhaireas duine iomadh bliadhna, agus gun dèan e gàirdeachas annta uile, gidheadh cuimhnicheadh e làithean an dorchadais, gum bi iad lìonmhor. Is dìomhanas gach nì a thig.

Thug sinn an làmh do na h‑Eiphitich, agus do na h‑Asirianaich, a‑chum a bhith air ar sàsachadh le aran.

Fhuair sinn ar n‑aran le cunnart ar n‑anama, do bhrìgh claidheamh an fhàsaich.

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

Nach bi là an Tighearna na dhorchadas, agus chan ann na sholas? Eadhon ro‑dhorcha, agus gun soilleireachd air bith ann?

Is là feirge an là sin, là trioblaid agus teanntachd; là fàsalachd agus lèirsgrios; là dorchadais agus oglaidheachd; là neul agus tiugh-dhorchadais;

Ach dùil eagalach ri breitheanas, agus feirg theinntich, a sgriosas na h‑eascairdean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan