Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 15:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An luaidh duine glic air eòlas gaoithe, agus an lìon e a chliabh leis a’ ghaoith an ear?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Mar as aithne dhuibhse, is aithne dhòmhsa mar an ceudna: chan ìsle mise na sibhse.

An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e,

An tagair e le briathran gun tairbhe, agus le cainnt leis nach dèan e math?

An smaoinich sibh air briathran a chronachadh, agus cainnt an eu‑dòchasaich, a tha mar ghaoith?

Cia fhad a labhras tu mar sin, agus a bhios briathran do bheòil mar ghaoith làidir?

Nì cridhe an duine ghlic a bheul tuigseach, agus air a bhilean cuiridh e fòghlam.

Mar a thàinig e a‑mach lomnochd à broinn a mhàthar, ath-thillidh e, a’ dol mar a thàinig e; agus cha ghiùlan e nì air bith de a shaothair a bheir e leis na làimh.

Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit.

Tha còmhstri fòs aig an Tighearna ri Iùdah, agus nì e peanas air Iàcob a rèir a shlighean; a rèir a dhèanadais bheir e dha luigheachd.

Cò a tha na dhuine glic agus aig a bheil eòlas nur measg? Nochdadh e à deagh chaitheamh-beatha, a obraichean fhèin le ceannsachd gliocais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan